Beachdan muinntir Bhatairnis gan sireadh mun talla aca

Talla Coimhearsnachd BhatarnaisTùs an deilbh, GEOGRAPH / GORDON HATTON
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an talla coimhearsnachd am Bhatairnis a thogail bho chionn 75 bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Tha beachdan luchd-còmhnaidh am Bhatairnis san Eilean Sgitheanach gan sireadh mu am bu chòir àite-cruinneachaidh ùr a thogail dhan choimhearsnachd.

Tha an talla a th' aca ann an Hàlainn faisg air 75 bliadhna de dh'aois.

Tha comataidh an talla ag ràdh gum faodadh gum faigh coimhearsnachdan san eilean airgead an cois nan tuathan-gaoithe is leasachaidhean mòra a tha san amharc air a' bhun-structair dealain.

Thuirt iad gu bheil beachd ann gum b' fhiach talla coimhearsnachd ùr nas seasmhaiche le pàirceadh nas fheàrr a thogail ma tha an leithid de mhaoineachadh gu bhith ri fhaotainn.

Mar sin, tha iad ag iarraidh air muinntir Bhatairnis - sean agus òg - suirbhidh, taobh a-muigh a lìonadh le an cuid beachdan.

Tha lethbhreacan pàipeir den cheisteachan ann dhaibhsan nach urrainn a lìonadh air-loidhne.

Bidh an suirbhidh fosgailte dhan 20mh den Ghearran.

Gheibhear fiosrachadh mu eachdraidh Talla Bhatairnis an seo. , taobh a-muigh