Beachdan muinntir Bhatairnis gan sireadh mun talla aca

Chaidh an talla coimhearsnachd am Bhatairnis a thogail bho chionn 75 bliadhna
- Air fhoillseachadh
Tha beachdan luchd-còmhnaidh am Bhatairnis san Eilean Sgitheanach gan sireadh mu am bu chòir à ite-cruinneachaidh ùr a thogail dhan choimhearsnachd.
Tha an talla a th' aca ann an HÃ lainn faisg air 75 bliadhna de dh'aois.
Tha comataidh an talla ag rà dh gum faodadh gum faigh coimhearsnachdan san eilean airgead an cois nan tuathan-gaoithe is leasachaidhean mòra a tha san amharc air a' bhun-structair dealain.
Thuirt iad gu bheil beachd ann gum b' fhiach talla coimhearsnachd ùr nas seasmhaiche le pà irceadh nas fheà rr a thogail ma tha an leithid de mhaoineachadh gu bhith ri fhaotainn.
Mar sin, tha iad ag iarraidh air muinntir Bhatairnis - sean agus òg - suirbhidh, taobh a-muigh a lìonadh le an cuid beachdan.
Tha lethbhreacan pà ipeir den cheisteachan ann dhaibhsan nach urrainn a lìonadh air-loidhne.
Bidh an suirbhidh fosgailte dhan 20mh den Ghearran.
Gheibhear fiosrachadh mu eachdraidh Talla Bhatairnis an seo. , taobh a-muigh