'S e stòran de lùth ceimigeach a ghabhas atharrachadh gu lùth dealain agus a chleachdadh mar bhun cumhachd a th' ann am bataraidhean.
San artaigil seo gheibh thu a-mach mu dheidhinn:
- Dè th' ann am bataraidhean
- Diofar sheòrsaichean bhataraidhean
- Beachdan ùra mu stòradh lùth
- Buannachdan agus eas-bhuannachdan bhataraidhean
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An DÃ rna Ãre dhen Churraicealam airson SÃ r-mhathas).
Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu dhiofar sheòrsaichean bhataraidhean agus stòran lùth.
Seo na Bat-aich! 'S e⦠uill, bataraidhean a th' annta, chan e an gaisgeach e fhèin.
Ach 's dòcha gun sà bhail iadsan an saoghal.
An toiseach tha am Bat-ach alcaileach.
Bidh esan ann an siolandairean beaga agus a' toirt cumhachd do thoirds agus do dh'uidheam-smachd an Tbh.
Tha e glè fheumail ma dh'fheumas tu rud beag lùth ann an rudeigin gluasadach.
Ach chan eil e glè⦠lùthmhor.
Aocoltach ris a' Bhat-ach leis an Litium-ion a bhios a' toirt cumhachd dha coimpiutairean, fònaichean-là imh agus fiù 's cà raichean dealain.
Gabhaidh am fear là idir seo ath-theà rrdsadh.
Tha bataraidhean litium-ion aca ann an tuathan grèine airson dealan a bharrachd a stòradh agus bheir sin cumhachd dha na dachaighean againn nuair a thèid a' ghrian fodha.
Ach tha bataraidhean litium-ion daor, tha litium gann agus tha mèinneadh air a shon ag adhbhrachadh truailleadh agus fà saidh e teth â rud a tha a' cosg lùth.
Ach 's dòcha gu bheil gaisgich ann a nì cobhair.
Mar am Bat-ach Haidridean â ged nach e fiù 's bataraidh a th' ann, ach einnsean.
Nuair a chuireas sinn haidridean agus ogsaidean còmhla ann an cealla connaidh, bheir e dhuinn dealan.
Ach chan eil fà ileadh à s mar einnsean peatrail, cha bhi a' tighinn à s ach H2O â uisge!
Tha ceallan connaidh haidridean mar-thà a' toirt cumhachd do charbadan, mar trugaichean-forca 's busaichean.
Ach tha duilgheadas aig a' Bhat-ach Haidridean le truailleadh.
An-drà sta tha a' chuid as motha den haidridean aige a' tighinn bho bhith a' losgadh chonnaidhean-fosail, a bhios a' truailleadh na h-à ile.
Agus, a' tighinn a dh'aithghearr, am Bat-ach le Stòradh Grabhataidh.
Gu sìmplidh, chan eil ann ach bloc mòr concrait.
Nuair a bhios lùth a bharrachd ga dhèanamh bhon ghaoith no bhon ghrèin, bidh an concrait ag èirigh.
Agus nuair nach eil iad ag obrachadh gu math, bidh an concrait ga leagail.
Bidh an lùth cineataigeach seo a' tionndadh thuirbinean agus gineadair â agus a' dèanamh dealan do dhachaighean.
Ma thèid againn air iomadh seòrsa bataraidh a leasachadh, thèid againn air barrachd dealain a stòradh bho lùth ath-nuadhachail.
Cuidichidh sin a' sabaid an aghaidh atharrachadh na gnà th-shìde.
Mar sin, 's e sà r ghaisgich a tha sna Bat-aich!
Carson a tha bataraidhean feumail?
Faodaidh sinn bataraidhean a chleachdadh mar chumhachd do dhâuidheaman gluasadach. Leigidh iad le uidheaman dealan a chleachdadh gun am plugadh dha na prìomh bhunan dealain, mar socaidean anns aâ bhalla. Bidh fònaichean-là imhe, tablaidean, uidheam-smachd an Tbh agus toirdsichean a' cleachdadh bataraidh.
Gabhaidh cuid de bhataraidhean an ath-theà rrdsadh gus an gabh an cleachdadh a-rithist agus a-rithist. Faodaidh a bhith gan teà rrdsadh le dealan bho bhunan ath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh. ar cuideachadh a' sabaid an aghaidh atharrachadh na gnà th-shìde le bhith a' lùghdachadh na dh'fheumas sinn a losgadh de chonnaidhean-fosail.
Seòrsaichean bhataraidhean

Bataraidhean alcaileach
'S e bataraidhean alcaileach an seòrsa bataraidh a bhios sinn a' cleachdadh airson rudan mar uidheam-smachd Tbh, smachdair gheamaichean agus toirdsichean.
Tha rud beag cumhachd anns na bataraidhean seo agus tha e furasta an gluasad no an toirt a-mach. Ach, aon uair 's gun teirig an lùth a th' annta, feumar an ath-chuairteachadh.
Tha cuid de bhataraidhean alcaileach a ghabhas an ath-theà rrdsadh agus gabhaidh an cleachdadh iomadh turas mus feumar an ath-chuairteachadh.


Bataraidhean litium-ion
Bidh iad seo a' toirt cumhachd do rudan a dh'fheumas barrachd lùth na bataraidh alcaileach, mar coimpiutairean, fònaichean-là imhe agus cà raichean dealain. Nuair a theirigeas an lùth a th' annta, gabhaidh dìreach an ath-theà rrdsadh.
Tha bataraidhean litium daor an dèanamh agus tha mèinneadh nan stuthan a dh'fheumas iad mar cobalt, ag adhbharachadh truailleadh. Cuideachd, tha na stuthan sin glè thric ann an à itichean dhen t-saoghal sa bheil còraichean an luchd-obrach truagh agus an cor-obrach cunnartach, mar Poblachd Dheamocratach a' Chongo.
Cuideachd, faodaidh bataraidhean litium-ion tòrr lùth teas a chaitheamh nuair a dh'fhà sas iad teth.
An robh fios agad?
- Nuair a bhios tu ag ath-theà rrdsadh a' fòn agad, bidh thu ag ath-theà rrdsadh bataraidh litium-ion sa fòn.
- Bidh cuid de thuathan grèine a' cleachdadh bhataraidhean mòra litium airson an dealan a ghlacas panailean grèineTha panailean grèine air an cleachdadh airson dealan a ghintinn. Bidh iad air togalaichean, ach faodar an cleachdadh cuideachd air tuath grèine airson cumhachd na grèine a chruinneachadh. Tha panailean grèine air an dèanamh le mòran cheallan grèine. a stòradh. Thèid aig na bataraidhean an uair sin air an dealan seo a chur chun a' An Griod Nà iseantaAn t-ainm air lìonradh de phaidhleonan agus de loidhnichean dealain a bhios a' giùlan dealan dha na dachaighean againn, sgoiltean, oifisean agus gnothachasan. air an oidhche no air là ithean sgòthach nuair nach eil panailean grèine a' gintinn dealan.


Bataraidhean haidridean
Tha bataraidh haidridean mar einnsean. Bidh i a' stòradh haidridean'S e gas gu math cumanta a th' ann a' haidridean. Chan eil fà ileadh, blas no dath air. 'S e an eileamaid cheimigeach as cumanta anns a' chruinne-cè. a ghabhas a chur còmhla ri ogsaidean ann an iom-obrachadh ceimigeach a leigeas lùth mu sgaoil. A bharrachd air lùth, cha bhi an t-iom-obrachadh seo a' dèanamh cà il ach uisge. Chan eil truailleadh sam bith na chois agus chan eil carbon dà -ogsaid no gasaichean taigh-glainne air an leigeil mu sgaoil.
Ach, tha tòrr dhen haidridean air a dhèanamh le bhith a' losgadh connadh-fosailConnadh a tha a' tighinn às an Talamh. 'S e seann rudan a bha beò uaireigin agus a tha air lobhadh agus air dlùthadh thar ùine mhòr fon talamh no fon mhuir a th' ann an connaidhean-fosail. Tha gual, ola agus gas nan connaidhean-fosail.. Faodaidh nach eil bataraidhean haidridean a' dèanamh cron air an à rainneachdA h-uile nì fiosaigeach mu thimcheall oirnn air an Talamh, nam measg a h-uile nì beò agus neo-bheò., ach faodaidh gu bheil an connadh a tha a' dol annta cronail.


Bataraidhean stòradh grabhataidh
'S e dòigh ùr a tha seo air lùth a stòradh, agus tha e ag obrachadh caran coltach ri bataraidh.
Bidh bloc mòr concrait ga chur air siostam phulaidhean suas tùr no ann an toll domhainn, mar toll-mèinne. Nuair a bhios barrachd dealain ga ghintinn na tha air a chleachdadh, an à ite an lùth seo a bhith air a chaitheamh, gabhaidh a chleachdadh airson cumhachd a thoirt do uinnse a tharraingeas am bloca gu mullach an tuill.
Nuair a tha feum air barrachd dealain, tha am bloca concrait air ìsleachadh. Bidh an gluasad seo a' cuir car de tuirbin'S e inneal a th' ann an tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad lionn no gas gu bhith na lùth a ghabhas a chleachdadh. Ann an tuirbin sìmplidh bidh uisge no èadhar a' putadh an aghaidh lannan an tuirbin agus a' cur car dhiubh. Nuair a bhios na lannan a' cur car, bidh iad a' tionndadh pòla fada ris an canar crann. Faodaidh an crann an uair sin pìosan eile de dh'innealradh a thionndadh, mar gineadair a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn. a ghineas dealan.

Ag ath-chuairteachadh bhataraidhean
Tha ceimigean cronail ann am bataraidhean a dh'fhaodas aoidion nuair a bhios a' bhataraidh a' grodadh agus cron a dhèanamh air an à rainneachd. Tha e mar sin cudromach bataraidhean ath-chuairteachadh mas urrainn dhuinn.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan bhataraidhean
Buannachdan
Bidh bataraidhean a' stòradh lùth agus mar sin thèid againn air caitheamh lùth a lùghdachadh. Cuidichidh seo sinn gu bhith a' lùghdachadh na tha sinn a' cleachdadh de lùth neo-ath-nuadhachail agus le sin cuidichidh sinn an à rainneachd.
Tha mòran bhataraidhean furasta an toirt a-mach, agus tè ùr a chur a-steach no ath-theà rrdsadh.
Tha mòran bhataraidhean beag agus gluasadach, agus mar sin bheir iad dealan do dh'uidheaman gluasadach agus do charbadan.
Eas-bhuannachdan
Tha cuid de bhataraidhean daor an dèanamh no bidh iad ag adhbharachadh truailleadh gan dèanamh.
Tha cuid de bhataraidhean, mar bataraidhean litium-ion, a' cleachdadh stuthan a tha air am mèinneadh ann an à itichean far an dòcha nach robh còraichean luchd-obrach no còraichean chloinne air an dìon.
Faodaidh ceimigean bho sheann bhataraidhean an talamh agus solaran uisge a thruailleadh, mura tèid an ath-chuairteachadh.

lùth ceimigeach - Tha ceimigean ann am bataraidhean agus 's e lùth ceimigeach an lùth a th' air a stòradh anns na ceimigean sin. Tha lùth air a leigeil mu sgaoil nuair a bhios iom-obrachadh ceimigeach eadar na ceimigean.
iom-obrachadh ceimigeach - Nuair a bhios aon stuth, no barrachd air aon, ag iom-obrachadh ri chèile airson stuth ùr a chruthachadh. Ma nì thu cèic no aran, bidh iom-obrachaidhean ceimigeach ann agus tha stuth ùr air a chruthachadh.
connaidhean-fosail - Connaidhean a bhios a' tighinn às an Talamh. 'S e seann nithean a bha beò o chionn fhada an t-saoghail, agus a tha air lobhadh agus air an dlùthadh thar ùine mhòr fon talamh no fon mhuir, a th' ann an connaidhean-fosail. 'S e connaidhean-fosail a th' ann an gual, ola agus gas.
haidridean â 'S e gas gu math cumanta a th' ann a' haidridean. Chan eil fà ileadh, blas no dath air. 'S e an eileamaid cheimigeach as cumanta anns a' chruinne-cè.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Lorg agus dèan liosta dhe gach uidheam san dachaigh agad a tha ag obrachadh le bataraidh
Dèan nòta san liosta a bheil bataraidh alcaileach ann (tè a ghabhas toirt à s, agus tèile a chur na h-à ite agus a h-ath-chuairteachadh nuair a theirigeas an lùth a th' innte) no bataraidh litium-ion (a ghabhas a h-ath-theà rrdsadh).
Dèan clà r-shrà can dhe na th' ann de gach seòrsa bataraidh.
Cudromach! Iarr cuideachadh air inbheach nuair a bhios tu a' dèanamh seo, oir dh'fhaodadh nach bi e sà bhailte dhut cuid dhe na h-uidheaman sa bheil bataraidh a là imhseachadh thu fhèin.
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count4 of 13

- count5 of 13

- count6 of 13

- count7 of 13
